Kim Carnie - Chan eil a' Chùis a' Còrdadh Rium

Copied!edit Lyrics
original text at lyrnow.com/2086135
Dh'èirich mi moch latha na fèille
Is trom mo cheum 's cho neònach e, o

Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò

Buntàta ùr is truinnsear maoraich
Chuir mo ghaol gu bòrd agam, o

Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò

Dh'fhalbh mi leis an damh bheag lachdann
Feuch am faighinn dròbhair dha, o

Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò

Dh'fhuirich mi gu beul na h-oidhch'
'S cha robh a' phrìs a' còrdadh rium, o

Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Shuidh mi ann an gleannan fraoich
Ri taobh fear de na dròbhairean, o

Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò

Nuair chunnaic mi na bha gam ionnsaigh
Chuir iad cùram mòr orm, o

Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò

Thàinig fear airgead nam bochd
Is poca beag Marroc' aige, o

Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò

Mura pàigh thu mi sa mhionaid
Cha bhi idir bhòt agad, o

Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Thàinig Marsanta na Mine
Litrichean na dhòrn aige, o

Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò

Labhair e 's a ghuth air chrith
A bheil dad idir dhòmhs' agad? O

Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò

Thàinig Marsanta na Tì
'S dha-rìribh cha do chòrd e rium, o

Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò

Thug thu riarachadh do chàich
Ged nach eil fàirdean dhòmhs' agad, o

Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
 
0

Song Description:

edit soundcloud

SoundCloud:

edit soundcloud

More Kim Carnie lyrics

Kim Carnie - She Moves Me
{Verse 1} She's the lightning in the dark O, the brightest morning star She's a fighter and a lover O, the captive and the hunter She's a walking

Kim Carnie - Disathairne Ghabh mi Mulad
'S ann Disathairne a ghabh mi mulad Hao rì hiu ò, hao rì hiu ò 'S ann Disathairne a ghabh mi mulad Hao rì a bhò hò ribh ò Hi ò challa cha hiù bhì hiù a horò hù ò

Kim Carnie - After It All
Take a while and take longer Let your body come undone Leaving nothing but bone LEaving all that you've known We have a way of forgetting The air of home that it

Kim Carnie - And So We Gather
To yourself you lie To hold me one last time Through the night Lord knows we've cried As certain as the sea You'll find your way to me Bloody hearts Bloody

Kim Carnie - Caoidh Mhic Shiridh
Chan e caoidh Mhic Shiridh Dh'fhàg an dil' air mo ghruaidh Hù oro hù-o Hò-ro o hi-o hi ò Hù oro hù-o Chan e caoidh mo leannain Ged a dh'fhanadh e

Kim Carnie - Chan eil a' Chùis a' Còrdadh Rium
Dh'èirich mi moch latha na fèille Is trom mo cheum 's cho neònach e, o Hoireann ò ro huraibh ò Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o Hoireann ò ro huraibh

Kim Carnie - Loving You
{Verse 1} Soaked to skin and bone I'm still drowning in you And the days are seeming longer Since you let me go You let me give my all And now I’m left